Structar ùr do ChnES?
- Air fhoillseachadh

Tha aithisg a chaidh fhaicinn le Radio nan Gàidheal, a' moladh structair ùir do Chomhairle nan Eilean Siar.
Fo na molaidhean, dheadh trì de roinnean na Comhairle a thoirt còmhla mar dhà roinn ùr.
Ma thèid a chur an gnìomh, falbhaidh aon dreuchd stiùiriche, agus dithis cheannardan seirbheis.
Tha an aithisg ag ràdh, airson a bhith èifeachdach ann a bhith a' lìbhrigeadh sheirbheisean san àm ri teachd, gum feumar atharrachadh a thoirt air structar roinneil na Comhairle.
An-dràsta, tha còig roinnean agus aon cho-bhòrd aig Comhairle nan Eilean Siar.
Fo na molaidhean, dh'fhuiricheadh foghlam an ìre mhath mar a tha e.
Co-chomhairle
Cha deadh atharrachadh sam bith a dhèanamh air a' cho-bhòrd amalaichte aig a bheil uallach airson cùraim is slàinte.
Dheadh oifis an àrd-oifigeir a ghlèidheadh cuideachd.
Dheadh na trì roinnean a tha air fhàgail - Leasachadh, Ionmhas is Seirbheisean Teicnigeach - a thoirt còmhla ann an dà roinn, le uallach air tè aca airson iomhais, airgid-chalpa, leasachaidh dhidseataich is chunntasasn, agus an roinn eile le uallach airson còmhdail, leasachaidh eaconamaich agus taigheadais.
Tha seo a' ciallachadh gum bi aon dreuchd stiùiriche a' falbh agus dà cheannard seirbheis.
Fàgaidh seo structar stiùiridh na Comhairle le triùir stiùirichean roinneil, is deichnear nan ceannardan seirbheis.
Cha deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast ge-tà, gus an tèid co-chomhairle a dhèanamh air na molaidhean.