Airgead dìolaidh do luchd-obrach
- Air fhoillseachadh

Gheibh luchd-obrach a chaill an dreuchd nuair a dh'atharraich Comhairle na Gàidhealtachd cùmhnant ath-chuartachaidh gu companaidh ioma-nàiseanta airgead dìolaidh.
Chaill luchd-obrach William Munro Construction Eta, stèidhichte ann am Baile Eoghain, an dreuchdan an dèidh dhan Chomhairle an cùmhnant a thoirt don chompanaidh Fhraingich, Suez.
Tha na th' air a chruinneachadh air a' Ghàidhealtachd airson ath-chuairteachadh a-nis air a thoirt dhan Chaisteal Nuadh, seach Baile Eoghain airson a ghiollachd.
Thuirt a' Chomhairle gu bheil 27 duine air airgead dìolaidh fhaighinn agus gu bheilear a' dèanamh oidhirp grèim fhaighinn air a' cheathrar eile.