Dragh nach tèid sagart air beulaibh cùirte
- Air fhoillseachadh

Maighstir Denis Alexander
Tha dragh a' sìor fhàs nach deach fear a bha na mhanach agus a tha fo chasaid gun robh e ri drabastachd chloinne air Ghàidhealtachd a chur air ais a dh'Alba à Astràilia.
Bha Maighstir Denis Alexander, 81, air fear de ghrunn mhanach air an d' fhàgadh gun robh iad ri drabastachd an aghaidh bhalach aig seann Sgoil Abaid Chille Chuimein.
Tha an t-Ath. Alexander riamh air a dhol às àicheadh nan casaidean.
Tha e ag ràdh nach urrainn dha a dhol a dh'Alba air adhbharan slàinte.
Riaghladh
Tha còrr is sia mìosan ann a-nise bho thàinig riaghladh bho mhaighstir-lagha ann an Astràilia gun urrainnear Mgr Alexander a thilleadh a dh'Alba gus a dhol air beulaibh na cùirteach.
Thuige seo ge-tà, chan eil Àrd-Neach-Tagraidh Astràilia air cead a thoirt seachad.
Tha cuid a-nise a' fàs an-fhoiseil mun chùis.
Thuirt Steven Jones, a tha na BhP ann an Astràilia, gum bu chòir Denis Alexander a bhith air an ath-phlèana a dh'Alba.

'S e Mgr Benedict Seed an aon duine a bha sa chùirt thuige seo co-cheangailte ri Sgoil Abaid Chille Chuimein.
"Chan eil cùis Denis Alexander na h-aonar. Air feadh Astràilia agus air feadh an t-saoghail, chuir an Eaglais Chaitligeach agus eaglaisean eile an cliù fhèin air thoiseach air ceartas do chloinn", thuirt Steven Jones, a tha na BhP ann an Astràilia.
"Cha robh e ceart an uairsin is chan eil e ceart a-nise", thuirt Mgr Jones.
Chaidh Mgr Alexander, a bhuineas do dh'Astràilia, a chur air ais dhan dùthaich sin leis an Eaglais Chaitligich ann an 1979 às dèidh do bhalach a bha na sgoilear aig Sgoil Abaid Chille Chuimein casaidean de dhrabasachd a thogail às a leth.
Cha do chuir an eaglais fios air na Poilis idir.
Dragh
Thuirt Uisdean Ceannadach, a bha cuideachd na sgoilear ann an Cille Chuimein is a tha ag ràdh gun tug Denis Alexander ionnsaigh air, gu bheil dragh air nach tèid Maighstir Alexander air beulaibh na cùirteach a chaoidh.
Thàinig seo is Oifis a' Chrùin air còig cùisean eile co-cheangailte ri Sgoil Abaid Chille Chuimein a leigeil às.
Thuirt iad gu bheil ùine na dùbhlan is fianaisichean cudromach air bàsachadh, no gun chomas cuideachadh le rannsachadh.
Dh'innis iad gu bheil pròiseas a' leantainn gus Dennis Alexander a thoirt air ais a dh'Alba.
Thuige seo, 's e Maighstir Benedict Seed an aon duine a bha sa chùirt co-cheangailte ri Sgoil Abaid Chille Chuimein.
Chaidh fhaighinn ciontach air aon chasaid de dhochann, is chaidh casaidean eile a leigeil às.