Fèis Fhiolmaichean nam Beann tighinn don Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Dealbh bhon fhiolm ImaginationTùs an deilbh, Jake Dyson
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh bhon fhiolm 'Imagination', fear de na fiolmaichean goirid

Bidh Fèis Fhiolmaichean nam Beann à Banbh ann an Canada a' dol air chuairt an ath-mhìos.

Tha an fhèis a' taisbeanadh grunn fhiolmaichean goirid mu shreap, baidhseagalan beinne, sgitheadh, caidheagadh agus siubhal eadar-nàiseanta.

Yvonne DowlenTùs an deilbh, Balcony Nine Media
Fo-thiotal an deilbh,

'S ann mun spèiliche-deighe Yvonne Dowlen a tha 'Edges'.

Thig na fiolmaichean a Bhreatainn air an 13mh den Fhaoilleach.

Às dèidh dhan fhèis tadhal air Dùn Èideann agus Glaschu, thig na fiolmaichean a dh'Inbhir Nis air an 31mh den mhìos mus tèid iad a Sruighlea is Baile Chloichridh.

Into Twin Galaxies - A Greenland EpicTùs an deilbh, Erik Boomer
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh bho 'Into Twin Galaxies - A Greenland Epic'

Dealbh bho Into Twin Galaxies - A Greenland EpicTùs an deilbh, Into Twin Galaxies - A Greenland Epic
Fo-thiotal an deilbh,

Tha 'Into Twin Galaxies' a' leanntail thriùir air chuairt anns a' Ghraonlann.

Am measg nam fiolmaichean a thèid a thaisbeanadh, chìthear aithris mun spèiliche-deighe Yvonne Dowlen, a bha 90 bliadhna a dh'aois agus a bhàsaich san Fhaoilleach 2017.

Agus 's ann mu Ben Page à Yorkshire a tha 'Frozen Road, a dh'fhulaing an fhuachd sìos gu -30C fhad 's a bha air chuairt air a' bhaidhseagal aige ann an ceann a tuath Chanada.

Frozen RoadTùs an deilbh, Ben Page
Fo-thiotal an deilbh,

Ben Page anns an fhiolm aige 'Frozen Road'.

Into Twin Galaxies - sgeulachd mhòr mun triùir a bhuannaich duais Luchd-siubhail Turas-dùbhlanach na Bliadhna aig an iris National Geographic, a shiubhail tron Ghraonlann ann an caidheagan.

Agus 's e cuspair an fhiolm 'Imagination' fear-sgithidh a bhios a' dèanamh chleasan air an t-sneachda ann am bailtean mòra.

Dealbh bhon fhiolm ImaginationTùs an deilbh, Jake Dyson
Fo-thiotal an deilbh,

Thig an fhèis dhan Ghàidhealtachd aig deireadh an Fhaoillich

Na còirichean uile glèidhte.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh