Deasbad mu thaighean ùra ann an Cùil Lodair
- Air fhoillseachadh

Thog luchd-iomairt an aghaidh an leasachaidh fianais aig làrach a' bhàir
Thèid planaichean airson 16 taighean a thogail ann an Cùil Lodair a dheasbad gu poblach, 's cuid de chomhairlichean na sgìre ag ràdh nach biodh e ceart co-dhùnadh a dhèanamh air cùl dhorsan dùinte.
Dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd cead a thoirt dhan leasachadh ann an 2014, ach chaidh Riaghaltas na h-Alba an aghaidh bheachd na Comhairle.
A dh'aindeoin sin cha deach na taighean a thogail fhathast.
Tha companaidh ùr, Kirkwood Homes, a-nis air a' phròiseact a ghabhail os làimh.
Chuir cha mhòr 35,000 duine an ainmean ri ath-chuinge air-loidhne ag iarraidh nach deadh an leasachadh a leigeil air adhart.
Tha dragh orra gun dèanadh an leasachadh cron air àrainn a' bhlàir.