Rabhaidhean mu shìde gheamhradail
- Air fhoillseachadh
Tha Oifis na Sìde air rabhadh a sgaoileadh mu shìde gheamhradail Dihaoine.
Thuit a' ghlainne gu 12 fo ìre reothaidh aig Loch a' Ghlais-Chàrnaich, ri taobh an A835 faisg air Ulapul agus Inbhir Nis, mu 04:00 madainn Dihaoine.
Tha Oifis na Sìde a' toirt rabhaidh gum faodadh deigh a bhith na trioblaid air rathaidean 's cabhsairean nach deach an sailleadh.
Thathas a' moladh do dhràibhearan ullachadh a dhèanamh mus tèid iad a-mach.
Tha an t-sìde reòite cuideachd a' toirt buaidh air pàirtean de Shasainn agus Èirinn a Tuath a thuilleadh air Alba, le màille air còmhdhail ri linn.