Curadairean craoibhe gan sireadh

  • Air fhoillseachadh
Dàibhidh MacAoidh

Tha daoine gan iarraidh airson cuideachadh le pròiseact ann an Leòdhas a tha ag amas air 100,000 craobh a tha dùthchasach dha na h-eileanan àrach agus a chur air feadh na sgìre.

Fon bhratach Àrc Innse Gall thèid sìol a chruinneachadh bho chraobhan a tha a' tighinn beò ann an cùiltean agus cuilidhean far nach fhaigh fèidh agus caoraich faisg orra.

Tha Dàibhidh MacAoidh air a bhith a' dol mun cuairt a' cruinneachadh sìl agus gearragan bho chraobhan dùthchasach a th' air dearbhadh gun seas iad ri aimsir nan Eilean Siar.

Chaidh e gu eileanan ann am meadhan lochan, agus gu creagan casa a tha do-ruigsinneach do chaoraich, 's far a bheil fasgadh bhon ghaoith.

Craobhan aosta

"Tha e gu math duilich sìol gu leòr a lorg bho na craobhan a bha seo," thuirt Dàibhidh.

"Chan eil feadhainn de na craobhan sin àrd ann. Tha iad gu math beag 's tha iad gu math duilich a lorg.

"Ach tha feadhainn aca gu math aosta. Tha iad ceudan de bhliadhnaichean de dh'aois.

"Tha craobhan critheann, tha sinn a' smaoineachadh gu bheil feadhainn aca gu math aosta - tha feadhainn aig 1,000 bliadhna de dh'aois. Ach chan eil sìol a' tighinn orra tuilleadh.

"Ach bidh sinn a' faighinn ghearragan bhuapa," thuirt e.

Tha na craobhan òga a' fàs ann an tunail fàis ùr aig Urras Coimhearsnachd Horsiadair, a tha a' maoineachadh na h-obrach.

Tha diogair ag ullachadh na talamhainn far an tèid an cur a-muigh as t-Earrach.

Bidh dà bhliadhna eile ann mus bi na craobhan deiseil airson an reic ri croitearan agus daoine eile le talamh, agus am pròiseact ag amas air coilltean beaga a stèidheachadh air feadh na sgìre.

Tha e cudromach gum buin na craobhan dha na h-Eileanan an Iar, leis gun seas iad ri sìde agus àrainneachd na sgìre.

'S e ginealach an là an-diugh a chumas a' dol iad, agus clann sgoile gu bhith gan cur.

"Na craobhan a chuireas a' chlann, bheir iad dhaibh ceangal ris an àite," thuirt Dàibhidh.

"Tha mi a' smaoineachadh gun dèanadh e feum mòr dhaibh a bhith a' cur chraobhan air feadh an àite a tha seo.

"Chan eil diofar ann càite an tèid iad anns an t-saoghal - ma thig iad air ais a Shiabost, no a dh'àite sam bith air an eilean, chì iad na craobhan a chuir iad," thuirt e.

Coimhearsnachd

Thèid an dàrna tunail fàis an-àirde anns a' bhliadhna ùir, agus tha muinntir Horsiadair cuideachd a' sireadh taic bho dhaoine a tha deònach obrachadh còmhla riutha gu saor-thoileach - rud a bheir fàs, tha iad ag ràdh, air an dà chuid craobhan agus coimhearsnachd.

"Chleachd sinn a bhith a' cur buntàt', no a bhith anns a' mhòine. Bha a h-uile duine a' cuideachadh a chèile.

"'S tha mi a' faicinn, 's e seòrsa pròiseict a dhèanadh feum. Tha gu leòr an seo airson daoine a chumail gu math trang tron Gheamhradh 's tron t-Samhradh.

"Agus chì iad rudeigin, tha rudeigin math air a chùlaibh. Bidh mise gu math toilichte sin fhaicinn.

"Thòisich mise le craobhan bho chionn 30 bliadhna. Cha robh mòran ùidh ann an craobhan an uair sin.

"A-nise tha e a' còrdadh rium mar a tha a h-uile duine a' gabhail barrachd ùidh ann, agus 's e rud math a tha sin," thuirt e.