Duine sam bith 'son sguais?
- Air fhoillseachadh
Tha Sguais Uibhist a' dol bho neart gu neart.
Ciamar a tha a' dol dhuibh le rùintean na Bliadhna Ùire? Nas lugha ithe. Nas lugha òl. Barrachd eacarsaich a dhèanamh, 's dòcha.
Ma tha sibh ann an Uibhist, tha cothrom agaibh air spòrsan ùra an sin - sguais agus racquetball.
Tha buidheann a thòisich an sin bho chionn ghoirid air grunn dhaoine a thàladh mar-thà.
Thog an RAF cùirt sguais ann am Baile a' Mhanaich bho chionn fhada, ged a bhathas ga chur gu feum mar àite stòraidh 'son àirneis anns na bliadhnaichean a chaidh seachad.
'S ann às dèidh do Chonchúr Ó Flaigheis a thighinn a dh'Uibhist a chaidh a' chùirt a chur air dòigh às ùr san dòigh a bhathar an dùil a chleachdadh bho thùs.
Tha Sguais Uibhist air soirbheachadh gu math bhon uairsin.
"Tha a' chùirt ann an deagh òrdugh a-nise", thuirt Conchúr.
"Tha e blàth is soilleir, is tha mi toilichte grunn dhaoine fhaicinn a' cluiche oirre", thuirt e.

Agus 's iad a tha.
Bho dh'fhosgail a' chùirt san t-Sultain, tha còrr is 40 inbheach is 15 duine-cloinne air a chur gu feum.
Tha Aonghas Fearaghasdan am measg an fheadhainn a bhios a' cluiche.
"Tha e cianail math, tha e fada nas luaithe na bha cuimhne agam", thuirt Aonghas.
"Tha e gu math furasta a thogail, 's e deagh spòrs a th' ann airson tòiseachadh a-mach air", thuirt e.
Thòisich Sguais Uibhist lìogan an-uiridh is lìogan fa leth sguais is racquetball a-nise a' dol sa bhliadhna ùir.
Tha e coltach gu bheil tòrr chluicheadairean mar thà air adhartas math a dhèanamh.
Tha Sguais Uibhist a' cur fàilte air duine sam bith a tha 'son sguais no racquetball a chluiche.