Fosglaidh An Lanntair air an t-Sàbaid mu dheireadh dhen mhìos son 3 mìosan
Bidh an Lanntair ann an Steòrnabhagh fosgailte air an t-Sàbaid mu dheireadh dhen mhìos airson na trì mìosan ri teachd.
Tha na daoine a tha a' ruith an ionaid ealain ag ràdh nach eil seo a' ciallachadh gum bi e fosgailte air Là na Sàbaid bhon a seo a-mach, ach gu bheil iad airson tomhas a bheil iarrtas ann airson a bhith a' fosgailte seachd latha san t-seachdainn.
Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.