CNES thairis air buidseat a' Gheamhraidh
- Air fhoillseachadh

Tha an aimsir fhuar a th' air a bhith a' toirt buaidh air an dùthaich gu lèir bho chionn ghoirid a' ciallachadh gu bheil Comhairle nan Eilean Siar mar thà air a dhol thairis air buidseat bhliadhnail a' Gheamhraidh aca.
Chuir a' Chomhairle ma seach £1.3m airson lìonra nan rathaidean a chumail sàbhailte san t-sneachda agus an reothadh.
Tha e air nochdadh gu bheil iad £200,000 thairis air a' bhuidseat aig an ìre seo.
Ach tha a' Chomhairle a' gealltainn gun cùm iad orra a' sailleadh nan rathaidean.
Tha sìde fhuar air buaidh a thoirt air a' chuid mhòr de dh'Alba bho chionn grunn sheachdainean.
Thuirt cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig a' Chomhairle, Uisdean Robasdan, nach bu chòir iomagain sam bith a bhith air daoine nach lorg iad airgead sam bith a bharrachd a bhios a dhìth.
Thuirt e, ann am bliadhnaichean eile, nach robh iad air a' bhuidseat Geamhraidh uile a chosg agus mar sin, gun d' fhuair iad air airgead a chùmhnadh.