Geamhradh cosgail do Chomhairle na Gàidhealtachd

Tha na trioblaidean ionmhais aig Comhairle na Gàidhealtachd a' dol nas miosa air sgàth na h-aimsire.

Nochd e gu bheil iad £0.5m thairis air buidseat sailleadh nan rathaidean.

Agus bidh e barrachd ro dheireadh a' gheamhraidh.

Tha an reothadh cuideachd air rathaidean a tholladh gu dona, 's bidh tuilleadh cosgais an lùib sin.