An GMB a' sireadh fios mu ghàraidhean BiFab

  • Air fhoillseachadh
Garadh Àranais

Thuirt riochdairean an aonaidh GMB nach eil iad idir toilichte leis cho beag fiosrachaidh sa tha iad a' faighinn bho Riaghaltas na h-Alba agus na companaidhean iomairt mu dè tha iad a' dèanamh airson gàraidhean togail BiFab, gàradh Àranais nam measg, a chumail fogsailte.

Tha dùil ri riochdairean an aonaidh ann an Steòrnabhagh Diardaoin agus eagal nach bi duine air fhàgail sa ghàradh aig deireadh na mìos.

Tha coltach gu bheil co-dhiu dà chompanaidh air a bhith a' coimhead ri cuid de na gàraidhean, ach cha d'thàinig càil às thuige seo.

Tha riochdairean an GMB airson coinneachadh ris an luchd-obrach agus ri riochdairean Iomairt na Gàidhealtachd snan Eilean feuch an gabh obair a lorg a chumas gàradh Àranais fosgailte.

Thuirt labhraiche an Aonaidh oidhche Chiadain gu robh iad mì-thoilichte leis cho beag fiosrachaidh sa bha'd a faighinn bho HIE, Riaghaltas na h-Alba agus Iomart na h-Alba.

Coinneamhan

Choinnich an dà chompanaidh iomairt agus an Riaghaltas Dimairt agus Diciadain airson faicinn an robh slighe air adhart ann, agus an obair ann an gàraidhean Àranais agus Burntisland deiseil aig deireadh na mìos.

Tha dùil gun dùin gàradh Mhethil sa Ghiblein.

Nochd companaidh à Canada, DF Barnes, ùidh ann an gàradh Mhethil a mhàin ron Nollaig, ach chan eil sin air a dhol càil nas fhaide.

Tha e coltach gu bheil a' chompanaidh Global Energy, aig a bheil gàradh togail Bhaigh an Eig, air a bhith coimhead an gabh feum a dhèanamh do ghàradh Àranais.

Tha obair-togail a' dol, ach thathar dhen bheachd nach tig càil dhan a sin gu buil gu as t-samhradh aig a' char is tràithe.