Aithris mu ùidh Shìnich ann an Lifescan

  • Air fhoillseachadh
Togalach LifescanTùs an deilbh, Google

Thathas a' tuisge gu bheil companaidh Shìneach ann an còmhraidhean airson a' ghnothachais Lifescan a cheannach.

Bidh Lifescan, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, a' dèanamh uidheamachd do dhaoine a tha a' fulang le tinneas an t-siùcair.

Thuirt Johnson and Johnson, leis a bheil an fhactaraidh an-dràsta, gu robh iad a' sgrùdadh diofar roghainnean do na companaidhean aca a tha an sàs ann an cùram tinneas an t-siucair.

Tha còrr is mìle duine ag obair do Lifescan ann an Inbhir Nis.

Tha buidheann à Siona air a bhith ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd airson goireasan Lifescan fhaicinn agus beachd ann gu bheil iad a' dol a dhèanamh tagradh luach na billeanan airson na companaidh.

Ath-sgrùdadh

San Fhaoilleach an-uiridh thuirt Johnson and Johnson gu robh iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air na roghainean ro-innleachdail aca, nam measg a bhith a' meòireachadh air a bhith a' reic na companaidhean aca a tha a' dèiligeadh ri cùram tinneas an t-siucair.

Tha an ùidh a th' aig luchd-ceannach Sìonach a' tighinn aig an aon àm 's tha e air aithris gu bheil cùisean de thinneas an t-siucair air a dhol am meud san dùthaich.

Tha rannsachadh a' dèanamh dheth gu bheil còrr is dàrna leth de chùisean tinneas an t-siucair san t-saoghal ann an Aisia ri linn atharrachaidhean ann an dòigh beatha dhaoine agus a' bhiadh a tha iad ag ithe.