Co-dhùnadh "ro mhòr" airson HIAL

  • Air fhoillseachadh
Proileilear phlèana

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs ann am planaichean connspaideach airson siostam iùil aig astar aig puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, gu bheil co-dhùnadh mar seo ro mhòr airson bòrd HIAL.

Dh'innis HIAL na bu tràithe air a' mhìos gun tèid iùil phlèanaichean aig seachd puirt-adhair roinneil ann an Alba a stiùireadh bho aon ionad.

Chan eil fios fhathast càite am bi e.

Bidh e a' stiùireadh iùil phlèanaichean airson puirt-adhair Inbhir Nis, Sumburgh, Dùn Dè, Inbhir Ùige Thaigh Iain Ghròt, Circeabhail, Steòrnabhaigh agus Beinn nam Fadhla.

Dragh

Thog an t-aonadh Prospect dragh mu na planaichean mar-thà.

Thuirt iad gum faodadh an t-atharrachadh buaidh a thoirt air sàbhailteachd an t-sluaigh agus cosnaidhean dhaoine.

Thuirt HIAL nach tig atharrachadh air an t-suidheachadh mura h-eil e sàbhailte.

Dh'innis iad gu bheil iad a' feuchainn ri seirbheis adhair sheasmhach a chur air dòigh.

Thuirt Mgr MacNìll gun do choinnich e ri HIAL mun chùis is gu bheil grunn cheistean aige.

Thuirt e gu bheil e a' tuigsinn gun cosg an leasachadh timcheall air £130m, seach £28m.

Agus tha iomagain air Mgr MacNìll gu sònraichte mun bhuaidh air sgìrean eileanach ma thèid cosnaidhean luchd-iùil a chall.

"Sòisealta"

"A thaobh coimhearsnachd agus àiteachan iomallach, tha na h-obraichean a tha seo ann am Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh math is tha iad freagarrach", thuirt Mgr MacNìll.

"Chan eil HIAL ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh seo airson luchd-obrach a ghearradh idir. 'S e an cùram a th' orm ge-tà, gu bheil iad a' dol a chosg an aon rud 's a bha iad, ach tha iad a' dol a tharraing obraichean a-mach à Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh.

"Feumaidh an Riaghaltas sùil shòisealta a dhèanamh air seo.

"Tha HIAL a' bruidhinn air £130m a chosg. Tha siud na suim a tha ro mhòr do bhòrd HIAL agus 's e sùil an Riaghaltais a dh'fheumas a bhith air seo", thuirt e.

A rèir Mhgr MhicNìll, ma tha dearbhadh ann gun dèan an siostam ùr feum, bu chòir an t-ionad stiùiridh ùr a stèidheachadh anns na h-Eileanan an Iar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh