Iomairt Beinn Nibheis gus leantainn

  • Air fhoillseachadh
Beinn NibheisTùs an deilbh, Mick Garratt/Geograph

Tha dùil gum bi luchd-teasairginn a-muigh a-rithist Dimàirt is iad a' sireadh sreapadair a th' air a bhith dà oidhche a dhìth air Beinn Nibheis.

Chaidh iomairt mhòr a dhèanamh gu ruige seo ach cha d' fhuaireas sgeul air an duine.

Chaidh fios a chur Didòmhnaich gun robh triùir shreapadairean ann an duilgheadas air a' bheinn.

Lorg Sgioba Theasairginn nam Beann ann an Loch Abar dithis aca gu h-àrd air Beinn Nibheis.

Bha cathadh ann agus bha an sneachda suas chun nam mionaichean aca.

B' fheudar an iomairt teasairginn a stad an uairsin air sgàth na h-aimsire.

Thoisich an iomairt às ùr Diluain, le taic bho heileacoptair nam Maor-Cladaich às Inbhir Nis.

Chuir an aimsir - agus cunnart bho mhaoimean-sneachda - maill air an iomairt.

Thuirt an luchd-teasairginn gun tòisich an iomairt às ùr nuair a cheadaicheas an t-sìde.