Pàirce Coimhearsnachd a' Chinn a Tuath?
- Air fhoillseachadh

Thèid beachdachadh aig coinneimh phoblaich oidhche Mhàirt am bu chòir pàirce mhòr eachdraidheil ann am meadhan Inbhir Nis a cheannach dhan choimhearsnachd.
Tha buidheann iomairt air a bheil Love This Park den bheachd nach eileas a' dèanamh uiread de dh'fheum agus a bu chòir de Phàirce Chruinneachaidh a' Chinn a Tuath - a tha an-dràsta le Comhairle na Gàidhealteachd.
Stèidhicheadh Cruinneachadh a' Chinn a Tuath a' phàirce agus na togalaichean a tha na cois ann an 1864.
B' ann airson Gheamaichean Gàidhealach 's a leithid a bha i, ach sguir sin aig àm an Dàrna Cogaidh, agus chaidh a' Phàirce a reic ri Comhairle a' Bhaile.
'S ann an-diugh le Comhairle na Gàidhealtachd a tha i, agus tha na togalaichean ann an droch staid.
A bharrachd air club chriogaid Northern Counties agus corra chonsairt, chan eil tòrr feum ga dhèanamh dhith.
Tha a' bhuidheann Love This Park a' gairm na coinneimh poblaich a tha seo oidhche Mhàirt aig Eden Court airson beachd a' mhòr-shluaigh fhaighinn.
'S e a mhiannaicheadh iad reachdas fearainn a chleachdadh airson a' phairc a cheannach dhan choimhearsnachd 's a h-ath-nuadhachadh.