Sgoiltean na Gàidhealtachd "ann an èiginn"
- Air fhoillseachadh

Thàinig an rabhadh bho cheannard Acadamaidh na Cananaich.
Nochd rabhadh gu bheil sgoiltean na Gàidhealtachd ann an staid-èiginn agus gum bris tuilleadh ghearraidhean an siostam buileach.
Thàinig an teachdaireachd bho cheannard Acadamaidh na Cananaich anns an Eilean Dubh, Donaidh MacCoinnich.
Ged a tharraing Comhairle na Gàidhealtachd cuid de na gearraidhean a bha san amharc aca airson roinn an fhoghlaim, tha iad fhathast a' coimhead ri timcheall air 40 tidsear àrd-sgoile a ghearradh.
Ann an litir gu pàrantan, tha Mgr MacCoinnich ag ràdh gu bheil sgoiltean na Gàidhealtachd uile ann an staid-èiginn mar-thà.
Dh'innis e gu bheil e a' tuigsinn gu bheil dùbhlan "cha mhòr do-dhèanta" aig Comhairle na Gàidhealtachd sàbhalaidhean a bharrachd a dhèanamh.
Sgrios
Thuirt e ge-tà, gun rachadh an siostam às a chèile buileach nan rachadh na gearraidhean seo a chur an sàs.
Bhiodh a' bhuaidh cho mòr air Acadamaidh na Cananaich, thuirt e, is gum feumadh iad cuspairean a leigeil seachad.
'S dòcha gum feumadh iad sguir de dheuchainnean Sàr Àrd Ìre buileach, 's bhiodh amannan ann nuair a dh'fheumadh iad sgoilearan a chur dhachaigh.
Thuirt Mgr MacCoinnich gum fàgadh na gearraidhean seo sgoilearan na Gàidhealtachd air dheireadh air an co-aoisean air feadh na h-Alba.
Thog e dragh cuideachd mun bhuaidh air slàinte an luchd-obrach.
Tha Comann Cheannardan-Sgoile na Gàidhealtachd air sgrìobhadh gu gach comhairliche, a' cur nan sùilean an call a dhèanadh leithid de ghearraidhean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 Am Faoilleach 2018

- Air fhoillseachadh16 Am Faoilleach 2018
