Moladh gun deadh sluagh a thilleadh gu sgìrean a chaidh fhuadach
Nochd planaichean a tha ag amas air ath-bheòthachadh a thoirt air sgìrean dùthchail air an tug na fuadaichean buaidh.
Tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba a' moladh laghan dealbhachaidh atharrachadh airson cumhachdan ùra a thoirt do mhinistearan agus do choimhearsnachdan airson na sgìrean sin a leasachadh.
Dh' iarradh iad gum biodh cothrom ann talamh far an robh daoine a' fuireach a cheannach, fiù 's an aghaidh toil an uachdarain, airson coimhearsnachdan a bh'air fhuadach a thogail às ùr.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.