Toll-sneachda a' sàbhaladh luchd-sgithidh
- Air fhoillseachadh

Chaidh dithis luchd-sgithidh a bha a dhìth thar na h-oidhche sa Mhonadh Ruadh a lorg slàn sàbhailte.
Bha e air faileachadh air an dithis, a bha air turas-sgithidh tro na beanntan, tilleadh bho chuairt os cionn ionad sgìthidh a' Chàirn Ghuirm Dimàirt.
Chladhaich iad "toll-sneachda" airson fasgadh a thoirt dhaibh tron oidhche, agus chaidh an lorg beagan deas air Beinn MacDuibh nuair a thòisich iomairt teasairginn às ùr madainn Diciadain.
Chaidh an dithis a thogail far na beinne le heileacoptair Mhaor-Cladaich Inbhir Nis.
Bha sgiobannan teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh, Bhràigh Mhàrr agus RAF Inbhir Lòsaidh an sàs anns an iomairt gus lorg fhaighinn orra.