Dàil air prògram calpa Comhairle na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh

Cha tig fios chun na h-ath-mhìos dè na thèid a chosg air sgoiltean, rathaidean 's eile a leasachadh ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.

Bha dùil ri fios mu phrògram calpa na Comhairle anns an Dùbhlachd, ach chaidh atharrachadh an uair sin chun a' Ghearrain.

A-nis tha iad ag ràdh nach tig fios chun a' Mhàirt.

Thuirt Ceannard Buidseit na Comhairle, an Comh. Alasdair MacFhionghain, nach urrainn dhaibh cosg ach na th' aca anns an sporan.

Ach thuirt an comhairliche Nàiseantach Ridseard Laird gu bheil e uabhasach nach eil iad ag innse fhathast dè na pròiseactan a thèid, agus nach tèid, air adhart.

Thuirt gu bheil a' Chomhairle an-dràsta "gun stiùir".

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh