Obraichean slàinte ann an Gallaibh
- Air fhoillseachadh
Tha obraichean aig NHS na Gàidhealtachd ann an Gallaibh gu bhith air an taisbeanadh Disathairne mar phàirt de dh'fhèis dhreuchdan.
Bidh luchd-obrach a' bhùird an làthair ann an Àrd-Sgoil Inbhir Ùige eadar 10:00m agus 2:00f airson innse do dhaoine mu na cothroman ann an slàinte agus cùram sòisealta.
Tha mì-thoileachas mòr ann an Gallaibh mu atharrachaidhean ri seirbheisean slàinte anns an sgìre, bho chaidh an t-ionad màthaireil ionadail a chur fo stiùir mhnathan-glùine.
Tha dragh ann cuideachd gun tèid an àireamh de leapannan ospadail anns an sgìre a ghearradh.
Choinnich a' bhuidheann-strì CHAT ri Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, ann an Dùn Èideann Diciadain airson na draghan a th' orra a chur an cèill.
Thuirt Cathraiche NHS na Gàidhealtachd, Dàibhidh Alston, gun robh a' choinneamh "feumail".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 An Gearran 2018
