Cobhair air fear-sreap Duitseach
- Air fhoillseachadh

Mhair an iomairt-teasairginn naoi uairean de thìde
Rinn sgioba teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh comhair air fear-sreap às an Olaind a chaidh a ghlacadh ann an cathadh aig mullach beinne Disathairne.
Bha casan agus brogan an duine air reothadh.
B'fheudar dhan luchd-teasairiginn sreap gu mullach a' Chàirn Bhàin Mhòir 's cathadh a' cur maille air an heileacoptair bho bhith a' faighinn thuige.
Mhair an iomairt-teasairginn naoi uairean de thìde.