3% air cìs chomhairle Mhoireibh
- Air fhoillseachadh

Dh'aontaich Comhairle Mhoireibh gun cuir iad 3% ris a' chìs chomhairle.
Chaidh an t-àrdachadh aontachadh aig coinneimh bhuidseit an ùghdarrais Diciadain.
Thuirt an t-ùghdarras gun robhas a' tomhais gun deadh £1.2m a chruinneachadh airson seirbheisean ri linn an àrdachaidh.
Thathas cuideachd ag iarraidh air comhairlichean aontachadh ri còrr air £6m de ghearraidhean, agus £4m de na th' aig a' Chomhairle air a shàbhaladh a chleachdadh airson an toll a th' anns an ionmhas aca a lùghdachadh.