21,700 bradan air teicheadh

  • Air fhoillseachadh
BradanTùs an deilbh, PA

Tha na mìltean bhradan air teicheadh bho thuathanas èisg far chladaichean an Eilein Sgitheanaich.

Thuirt a' chompanaidh Nirribheach Grieg Seafood gu bheil iad den bheachd gun do theich 21,700 bradan a-mach às na ceidsichean aca air Loch Snìosoirt, 's gu bheil sa bhitheantas 2cg (4LB) de chuideam an urra annta.

Nochd fios mun chùis dar a rinn dàibhear sgrùdadh air ceidsichean an tuathanais bho chionn beagan is seachdain, agus a lorg iad beàrn san lìon.

Bidh a' chompanaidh ag àrach còrr air 400,000 bradan ann an seachd ceidsichean an Loch Snìosoirt, an ceann a tuath an eilein.

'S ann mu Shealtainn as motha a bhios a' chompanaidh ag obair ge-tà.

Ann am brath, thuirt a' chompanaidh gu bheil iad a' dèanamh a h-uile rud as urrainn dhaibh airson bith-thèarainteachd a chumail aig ìre àird, 's gu bheil iad a' rannsachadh feuch am faigh iad a-mach dè dh'adhbharaich am beàrn san lìon, gus nach tèid aig tuilleadh èisg air teicheadh.