Bungair cogaidh air a reic
- Air fhoillseachadh

Doras a' bhungair, faisg air Ospadal an Ràthaig Mhòir.
Ghabh Comhairle na Gàidhealtachd ri tairgse a fhuair iad airson seann bhungair cogaidh an Inbhir Nis a cheannach.
Chaidh am bungair, a tha faisg air Ospadal an Ràthaig Mhòir, a thogail tìde an Dàrna Cogaidh, airson tighinn tro ionnsaigh bho na bomaichean as cumhachdaiche a bh' ann aig an àm.

Doras a' bhungair, faisg air Ospadal an Ràthaig Mhòir.
Chaidh a sgeadachadh anns na 1980an, tìde a' Chogaidh Fhuair.
Bhon uair sin tha e air a bhith comasach dìon a thoirt do dhaoine bho ionnsaigh niuclasaich, bhith-eòlasaich no cheimigich.
Chuir a' Chomhairle am bungair air a' mhargaidh an-uiridh.
Dhearbh an t-ùghdarras ionadail gun do ghabh iad ri tairgse airson a cheannach, agus gu bheil an t-aonta reic ga ullachadh leis an roinn laghail aca.