Rannsachadh air an gabh cumhachd thuathan-gaoithe a chleachdadh son connadh do bhàtaichean

Thòisich rannsachadh air an gabh cumhachd bho thuathan-gaoithe nan eilean a chleachdadh airson hydrogen a dhèanamh a bhiodh na chonnadh do bhàtaichean-aiseig Chal Mac.

'S iad Companaidh Cumhachd Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig a chur an sgrùdadh air chois agus tha Riaghaltas na h-Alba air airgead a chur ris.

Tha cuideachd seachd companaidhean agus luchd-ionmhais eile an-sàs san rannsachadh.

Le barrachd seo Aonghas Domhnallach...