Dealan nas saoire do na h-Eileanan Siar?
- Air fhoillseachadh

Bidh cothrom aig daoine anns na h-Eileanan Siar sàbhalaidhean mòra a dhèanamh air an dealan aca ri linn iomairt ùir a thèid a chur air chois gu h-oifigeil taobh a-staigh cola-deug eile, a rèir Comhairle nan Eilean Siar.
Tha iad air a' bhuidheann Cumhachd Innse Gall a chur air chois còmhla ris a' chompanaidh Our Power.
Tha a' Chomhairle den bheachd gum faigh teaghlach àbhaisteach air mu £300 a shàbhaladh gach bliadhna.
"Tha sinn an dèis a bhith a' coimhead air dòighean 'son toirt dealain a-steach dha na h-Eileanan air prìs nas fhaisge air cosgais," thuirt Stiùiriche Leasachaidh na Comhairle, Calum Iain MacÌomhair.
"Tha bochdainn connaidh anns na h-Eileanan aig àrd-ìre. Tha sinn a' feuchainn ri faighinn dòighean airson buaidh a thoirt air sin.
"Tha a' chompanaidh ùr seo, tha iad gu bhith ag obair anns a' mhargaid a tha a' toirt prìs a-steach dha na h-Eileanan.
"'S urrainn dha daoine a dhol thuca, agus, tha sinn an dòchas, a' phrìs sin fhaighinn.
"Tha a' chompanaidh a' dol a thòiseachadh ag obair air an t-6mh là den Mhàrt.
"Chì a' choimhearsnachd aig an ìre sin margaideachd a' dol a-mach a dh'innse dhaibh mu dheidhinn na companaidh.
"Mholadh sinne dhaibh coimhead air an rud a tha iad a' tairgsinn. Thoir sùil air, agus faic a bheil buannachd dhaibh an sin.
"Coimheadaibh dè th' agaibh ri phàigheadh air dealan an-dràsta, agus faicibh am faigh sibh buannachd a dhol leis a' chompanaidh ùir seo," thuirt e.