Naidheachdan 11:00m

Chaidh òrdugh cuingealachaidh fad bheatha air murtair a rinn oidhirp air murt agus e air fòrladh dachaigh às a' phrìosan. Thug Robbie Mac an Tòisich, 32, ionnsaigh air boireannach ann an coille an Dùn Dè anns na Lùnastal an-uiridh. Bha e air binn beatha fhaighinn ann an 2002 airson boireannach eile a mhurt ann an Dùn Dè.

Tha an àireamh de shaorannaich bhon EU a tha a' fàgail Bhreatainn aig an ìre as àirde airson deich bliadhna. Dh'fhàg 130,000 duine aca an Rìoghachd Aonaichte anns a' bhliadhna chun na Sultain an-uiridh, a rèir fhigearan ùra. Bha an àireamh iomlan de dhaoine a ghluais às an EU a Bhreatainn anns a' bhliadhna gu deireadh na Sultain na bu lugha na 100,000. B' e a' chiad turas a thachair sin bhon Mhàrt 2013.

Tha dùil gum bhòt Comhairle Thèarainteachd an UN an-diugh air rùn ag iarraidh fois fòirneirt fad mìos ann an Siria. Tha luchd-faire ag ràdh gun deach còrr air 300 duine a mharbhadh ann an ionnsaighean air Ghouta air iomall Damascus far a bheil làmh an uachdair aig na Reubaltaich, bho Là na Sàbaid.

Tha timcheall air an treas cuid de chomhairlean Albannach a' stèidheachadh am buidseatan an-diugh. Chun an seo tha dusan ùghdarras ionadail an dèidh aontachadh a' chìs chomhairle aca a chur suas 3% - an t-àrdachadh as motha a tha ceadaichte le Riaghaltas na h-Alba.

Bidh còmhraidhean a' dol an-diugh eadar Riaghaltasan Bhreatainn 's na h-Alba mu dheidhinn Bhrexit agus a' bhuaidh a bheir e air Alba. Thuirt Ministear Bhrexit na h-Alba, Mìcheal Ruiseal, gun deach adhartas a dhèanamh, ach nach eil iad aig ìre aonta a ruighinn fhathast. Thuirt Riaghaltas Westminster gu bheil moladh ùr ann airson cumhachdan a ghluasad às a' Bhruiseil, agus gu bheil iad an dòchas gun tig aonta air sgàth sin.

Tha plana aig Centrica, leis a bheil British Gas is Scottish Gas, airson 4,000 cosnadh a ghearradh thairis air an dà bhliadhna a tha romhainn. Thuit am prothaidean gu mòr an-uiridh. Chuir iad a' choire air mar a chaidh dhaibh ann an Aimeireaga agus am Breatainn, far an do chaill iad an deicheamh cuid den luchd-cleachdaidh aca.

Tha rannsachadh mòr air na drogaichean a thathas a' cleachdadh an aghaidh tromad-inntinn a' cumail a-mach gu bheil iad dha-rìribh gu feum. Rinn eòlaichean aig Oilthigh Oxford sgrùdadh air còrr air 500 pìos rannsachaidh mu 21 droga. Thuirt iad cuideachd gu bheil mòran a bharrachd dhaoine anns an Rìoghachd Aonaichte a b' urrainn feum a dhèanamh àsta.