Sreapadair a' bàsachadh às dèidh tuiteam air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Chaill sreapadair a bheatha nuair a thuit e 's na beanntan air taobh an iar na Gàidhealtachd Disathairne.
Thachair an tubaist air Sgurr Thuilm ann an sgìre Ghleann Fhionnainn.
Cha deach an duine ainmeachadh gu h-oifigeil fhathast.
Lorg sgioba teasargainn corp Jim Stalker, a chailleadh air Beinn a Chaorainn ann an Loch Abar bho chionn còrr air cola deug air ais.
Chuidich heileacoptair nam maor-cladaich san iomairt theasargainn.
Tha dithis shreapadairean eile fhathast air nach d' fhuaireadh sgeul ann an sgìre na Gàidhealtachd agus iad air a dhol air chall ann an tachartasan eadar-dhealaichte bho chionn 5 seachdainnean.