Geama ICT dheth
- Air fhoillseachadh

Chaidh an geama eadar Dùn Bhreatainn is Caley Thistle oidhche Mhàirt a chur dheth.
Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air pàirce Dhùn Bhreatainn aig meadhan là Dimàirt is fhuaireadh nach urrainn dhan gheama a dhol air adhart.
Cha deach deit ùr 'son a' gheama a chur air dòigh fhathast.
Cluichidh Inbhir Nis an aghaidh Brechin aig an taigh Disathairne.