Iomairt-teasairginn a' leantainn
- Air fhoillseachadh

Stephen Mitchell.
Tha iomairt-teasairginn a' leantainn Dimàirt is fear-coiseachd a dhìth air Taobh Siar Rois.
Chaidh lorg fhaighinn air càr Stephen Mitchell ann an Srath Carrann Diluain.
Bha Mgr Mitchell, 57, à Siorrachd Pheairt, air a dhol dhan sgìre Dihaoine seo chaidh agus e an dùil a bhith a' cadal ann am bothanan.
Tha e sia troighean a dh' àirde, le falt liath agus màilead dhubh air a dhruim.
Tha trì sgiobaidhean-teasairiginn ga lorg le taic bho heileacoptair.
Tha iad ag obair Dimàirt timcheall air Beinn Dronaig, beagan an ear air Atadal.