Deasbad nan saidealan an Cataibh
- Air fhoillseachadh

'S iomadh rocaid a chuireadh dha na speuran ach cha deach fear a chur a-riamh, tha e coltach, bho Thìr-Mòr na Gàidhealtachd.
Dh'fhaodadh gun atharraich sin is Buidheann Fànais na Rìoghachd Aonaichte am beachd ionad ùr a stèidheachadh gus saidealan a chur dhan iarmailt.
Am measg nan làraichean air a bheil iad a' coimhead, tha tè anns na h-Eileanan Iar, tè ann an Sealtainn is tè ann an sgìre na Mòine faisg air Tunga an Dùthaich MhicAoidh.
Chruinnich comhairlichean na sgìre sin Dimàirt gus barrachd a chluinntinn mun chùis, is chaidh innse dhaibh gu bheil grunn chompanaidhean air ùidh a nochdadh san leasachadh.
Thuirt Roy Kirk bho Iomairt na Gàidhealtachd gum faodadh gun tèid còrr 's 150 cosnadh a chruthachadh ann an Dùthaich MhicAoidh.
Bhiodh seo a' tarraing luchd-turais cuideachd, thuirt e.
Ged a chosgadh e £17m an t-ionad a stèidheachadh, dh'innis Mgr Kirk gu bheil grunn chompanaidhean air leigeil fhaicinn gum biodh ùidh aca ann an leithid de dh'àite a ruith.
Agus tha gu leòr san sgìre seo a chuireadh fàilte cuideachd air cothroman cosnaidh.

Bhiodh an t-ionad an sgìre na Mòine faisg air Tunga an Dùthaich MhicAoidh.
"Bhiodh e uabhasach math cothroman a bhith ann airson ar daoine òga a bhith ag obair sa choimhearsnachd aca fhèin", thuirt Cairistiona Stokes, a tha a' fuireach san sgìre.
"Tha e cho doirbh airson nan daoine òga obair fhaighinn ann an coimhearsnachdan beaga mar Thunga agus Taobh Mhealanais", thuirt i.
Ach ged a bhiodh fàilte air obraichean, dh'fheumadh sin a chothromachadh le draghan a th' aig cuid mun bhuaidh air an sgìre.
Tha feadhainn ann a tha an-fhoiseil mu dè bhiodh seo a' cillachadh dhan àrainneachd, an dòigh-beatha is fiù 's prìs nan taighean.
Seann argamaid eadar leasachadh is glèidheadh air a bheil coimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd eòlach gu leòr.
Tha dùil ri co-dhùnadh a thaobh làraich bho Bhuidheann Fànais na Rìoghachd Aonaichte an ceartuair.
Nì iad an uairsin sgrùdadh an fhiach a' phròiseict a dhol air adhart, le dòchas gun tigeadh tagradh airson taic-airgid is cead-dealbhachaidh às a sin.