Trèanaichean ùr-nodha gan taisbeanadh air a' Ghàidhealtachd

Chaidh trèanaichean ùr-nodha a bhios a' ruith air loighne a' chost an ear eadar Inbhir Nis is Lunnainn bhon ath-bhliadhna a thaisbeanadh an-diugh.

'S e trèana Hitachi Clas 800 a chanar riutha, agus ruithidh iad an dà chuid air dealan agus diesel.

Tha Hitachi ag ràdh gun toir iad siubhal thrèanaichean air a' Ghàidhealtachd gu ìre ùr de chomhfhurtachd.

Seo Dòmhnall Moireasdan.