Cobhair air dràibhearan aig tuath
- Air fhoillseachadh

Tha sneachda fhathast a' toirt buaidh air sgìrean den Ghàidhealtachd, gu h-àraid an ceann a tuath.
Tha cobhair ga dhèanamh air dràibhearan a th' air a bhtih glacte san t-sneachda airson còig uairean de thìde faisg air Baile Dhùbhthaich.
Tha tractar fhathast a' feuchainn ris na caraichean a thoirt às an t-sneachda.
Thuirt Poileas Alba gu bheil bailtean air taobh sear Rois - Baile Dhùbhthaich, Baile an Todhair agus Port MoCholmaig nam measg - air an gearradh dheth, 's gum bu chòir do dhaoine na sgìrean a tha sin a sheachnadh.
Thathas cuideachd a' moladh do dhaoine aig tuath gun a bhith a' suibhal.
Tha grunn sgoiltean sa cheann a tuath gu bhith dùinte Dihaoine, agus gheibh sibh fiosrachadh orra sin air làrach-lìn Comhairle na Gàidhealtachd.
Thàinig rabhadh orainds airson sneachda a bha an sàs sa mhòr-chuid de dh'Alba gu crìch aig 10:00m Dihaoine.
Ann an Sasainn, a' Chumrigh, 's Èirinn a Tuath cuideachd, tha rabhaidhean orainds is buidhe ann airson sneachda, deigh, is gaoith làidir.
Tha dùil gum bi Port-Adhair Ghlaschu agus Port-Adhair Dhùn Èideann fosgailte Dihaoine.
Tha an M80 fosgailte a-rithist, ged a tha comhairle ann fhathast a sheachnadh an dèidh do na ceudan charbadan a bhith air an glacadh san t-sneachda air fad oidhche Chiadain.
Tha deuchainnean gan dèanamh air cuid de na loidhnichean rèile Dihaoine, mus gabh iad sin fosgladh.