Bratach Eilean Thiriodh
Às dèidh do Bharraigh bratach shònraichte fhaighinn dhi fhèin, tha muinntir Thiriodh a-nis a' beachdachadh air tè a chruthachadh dhan eilean acasan.
Tha bùithtean obrach air a bhith a ruith ann an Tiriodh fad na seachdain 'son daoine a chuideachadh le a bhith a' dealbhachadh brataich a riochdaicheas an eilean thall 's a-bhos.