Taighean ùra san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh

Tha Port Rìgh am-measg nan àitichean anns an teid na taighean a thogail
Tha Comann Taigheadais an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse am beachd £25m a chosg air taigheadas sòisealta san sgìre.
Thathar a' coimhead ri còrr is dà cheud taigh a thogail eadar seo agus a' bhliadhna 2023.
Tha iad air tòiseachadh mar-thà air 44 taigh ùr a thogail neo a cheannach, agus tòisichidh obair air 70 flat agus taigh eile ro dheireadh na bliadhna seo.
Tha grunn ghearanan air a bhith ann mu chion taigheadais air an eilean - gu h-àraidh tro sheusan na turasachd.
Thuirt Àrd-Oifigear a' Chomainn, Lachaidh Dòmhnallach, gur e fìor dheagh naidheachd a tha seo dhan sgìre, agus cuideachd a thaobh obraichean ann an gnìomhachas an togail.
Tha Port Rìgh, an t-Ath-Leathann, Slèite agus an An Caol am-measg nan àitichean anns an tèid na taighean a thogail.