Prògram calpa Comhairle na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh

Cha tèid dàrna leth nan sgoiltean, rathaidean, drochaidean is eile a bha san amharc aig Comhairle na Gàidhealtachd air adhart a-nis ri linn cion airgid.

Thèid £482m a chosg thairis air an ath-chòig bliadhna - mar eisimpleir air sgoil ùr ann an Alanais agus leasachadh air sgoiltean ann an Inbhir Nis.

Ach tha grunn choimhearsnachdan mì-thoilichte nach tèid pròiseactan a gheall a' Chomhairle air adhart a-nis.

Tagradh ris an Riaghaltas

Thèid ceannardan na Comhairle a dh'iarraidh tuilleadh airgid bho Riaghaltas na h-Alba airson pròiseactan calpa san sgìre.

Thuirt ceannard a' bhuidseit, an Comh. Alasdair MacFhionghain, gu robh e toilichte gun deach am buidseat troimhe, ach gur e cion airgid a tha a' dèanamh cùisean duilich dhaibh.

Dh'aidich e gu bheil trioblaid mhòr ann le na sgoiltean, 's cuid dhiubh sin ann an droch stait.

"Tha duilgheadas mòr againn le na sgoiltean agus feumaidh sinn a bhith a' coimhead air "prògram càraidh" cuideachd airson nan sgoiltean".

Iarraidh iad airgead bhon Scottish Futures Trust airson cuid de sgoiltean na sgìre a leasachadh.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh