Naidheachdan 11:00m
Chaidh Ministear Cèin na Ruis, Sergei Lavrov, às àicheadh a-rithist an-diugh gu bheil gnothach sam bith aig an Ruis ri oidhirp air seann fhear-bhrathaidh a mhurt le a phuinnseanachadh ann an Salisbury an t-seachdain seo chaidh. Bho chionn beagan agus leth-uair tha an Ruis air Tosgaire Bhreatainn ann am Mosgo a ghairm. Tha an t-Aonadh Eòrpach a-niste a' toirt taic do Bhreatainn a tha a' feitheamh ri fiosrachadh bhon Ruis mun ionnsaigh. Mhaoidh Theresa May dìoghaltas air Mosgo mura bi freagairt ann leis am bi i riaraichte ro 12:00m a-nochd.
Bidh fiosrachadh mu shuidheachadh na h-eaconamaidh aig an t-Seansalair Philip Hammond ann an Òraid an Earraich an-diugh. Tha dùil nach toir e feart air iarrtas airson tuilleadh airgid phoblaich a chosg. Ach tha e coltach gum bi e ag ainmeachadh co-chomhairle mu chìs air plastaig nach eil ga cleachdadh ach aon turas.
Tha Mark Dòmhnallach a bha na mhinistear ann an Riaghaltas na h-Alba a' tilleadh gu Pàrlamaid na h-Alba an-diugh ged a dh'aidich e gun robh e ri dol-a-mach mì-choltach an aghaidh bhoireannach. Dh'fhàg Mgr Dòmhnallach àite san SNP an dèidh rannsachaidh a rinn am pàrtaidh. Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, am measg na tha ag iarraidh air Mgr Dòmhnallach a-niste àite mar bhall aig Holyrood a chur bhuaithe.
Thòisich tagradh anns an Àrd-Chùirt mun dòigh san deach an t-eucoireach feise John Worboys a shaoradh às a' phrìosan nas tràithe na bha dùil. Tha dithis bhoireannach, agus Mèar Lunnainn Sadiq Khan, ag argamaid gu bheil an co-dhùnadh ceàrr agus a' cur bhoireannach ann an cunnart. Chaidh Worboys, a bha na dhràibhear tacsaidh, dhan phrìosan ann an 2009. Tha poilis den bheachd gun tug e ionnsaigh air còrr is 100 boireannach.
Tha luchd-iomairt ag ràdh gum bu chòir do dh'arc-eòlaichean sùil a thoirt an toiseach air làrach thaighean connspaideach faisg air raon Bhlàir Chùil Lodair mus toir comhairlichean cead dhan sgeama. Tha am plana airson 16 taighean aig Viewhill a' tilleadh gu Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas aig Comhairle na Gàidhealtachd an-diugh. Ged a tha an làrach mu 0.5 mìle bho ionad do luchd-turais a Chùil Lodair, tha luchd-iomairt ag ràdh gun robh sabaid air a' ghrunnd sin ann an 1746, agus nach bu chòir leasachadh sam bith a leigeil air adhart ann.