Bun-sgoil sa Ghearasdan "air a glasadh"

  • Air fhoillseachadh

Chaidh Bun-sgoil Inbhir Lòchaidh a ghlasadh airson greis Dihaoine fhad 's a dhèilig na Poilis ri cùis anns a' Ghearasdan.

Dhearbh Poilis Alba gun deach fireannach a chur an greim 's gun deach gunna-dèideig a thoirt bhuaithe.

Chuir tidsearan aig Bun-sgoil Inbhir Lòchaidh am proiseas an sàs fhad 's a bha na poilis a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

Thuirt Poilis Alba gun deach grunn aithrisean a chuir thuca, agus gu bheil fireannach a-nis an greim aca.

Chaidh taing a thoirt dhan phoball airson a bhith cho fuireachail.