Obair leasachaidh air Drochaid Spè
- Air fhoillseachadh

Thathar air rabhadh a thoirt do dhràibhearan gum faodadh obair-leasachaidh air drochaid eachdraidheil Spè maill a chur orra.
Nì Bear Scotland an obair, luach £50,000, air an drochaid air an A95 thairis air 5 là.
Thèid còmhdach ùr a chur air an drochaid a th' air a clàradh aig ìre B gu h-oifgeil. Thèid obair eile a dhèanamh cuideachd aig gach ceann den drochaid.
Tòisichidh an obair Diardaoin agus thèid an còrr a dhèanamh eadar Diluain 9mh den Ghiblean agus Diardaoin 12mh den mhìos.
Bidh solais thrafaig eadar-àmail an sàs fhad 's a bhios an obair a' dol, agus bidh siostam coimhideachd ann.