Ball-coise ionadail a' tòiseachadh
- Air fhoillseachadh

Thòisich seusan a' bhuill-coise ionadail is na Lochan a' dèanamh a' ghnothaich air Càrlabhagh 1-0 sa chiad chuairt do Chupa ABC ann an Leòdhas oidhche Haoine.
'S e Ross Allison a fhuair an tadhal le nas lugha na deich mionaidean ri dhol sa gheam.
'S iad Càrlabhagh a thog Cupa ABC an-uiridh, ach tha iad a-mach às an fharpais mar-thà, agus 's e seann mhanaidsear na sgioba, Caomhain MacAnndrais, a bha os ceann sgioba nan Loch cuideachd.
Chaidh an geam eile oidhche Haoine eadar United Steòrnabhaigh agus Athletic Steòrnabhaigh a chur dheth air sgàth na sìde.
Thòisich an lìog san Eilean Sgitheanach cuideachd, le sgioba Mhalaig, a th' air ùr tighinn dhan lìog, a' toirt droinneadh air a' Chaol 11-2.
B' e sin a' chiad gheam aig Malaig san lìog agus cha b'urrainn na b'fheàrr dhaibh.
'S e deagh là a bh' ann cuideachd do Chaol Acainn, a ghlèidh an lìog ann an 2017, is iad a' cuir còig seachad air Port Rìgh.
Sa gheam eile Disathairne bhuannaich Slèite is an Srath.
Chan eil lìog Uibhist is Bharraigh air tòiseachadh fhathast.