Dh'fhosgail Bun Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Dh'fhosgail an treasamh Sgoil Ghàidhlig air a' Ghàidhealtachd a dorsan madainn an diugh, le Bun Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh a' cuir fàilte air còrr is sia fichead sgoilear.

Às dèidh deich bliadhna de strì air a son, agus deasbad gu leòr a' dol fhathast ma deidhinn, chaidh sgoilearan òga Gàidhlig Phort rìgh air ais an-dè an-dèidh saor-làithean na caisge chun na sgoile spaideil ùire aca shuas air cùl baile Phort Rìgh.

B' e teachdaireachd an là, co-dhiù bho chomhairliche a bha an-làthair, gum bu choir coimhearsnachd an Eilein uile taic a chur rithe.

Bha am fear-naidheachd againn Alasdair MacLeòid aig an sgoil air an là mhòr.