Cothrom playoff fhathast aig ICT

  • Air fhoillseachadh
Iain Vigurs agus Coll DonaldsonTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an ochdamh tadhal dhen t-seusan aig Iain Vigurs gu leòr do Chaley Thistle

Tha cothrom fhathast aig Caley Thistle Inbhir Nis air àite playoff ann an Championship na h-Alba às deidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Dùn Breatann 1-0.

Fhuair Iain Vigurs an aon tadhal às deidh 56 mionadean nuair nach d' fhuair fear-glèidhidh na Sons, Scott Gallacher, cuidhteas dhan bhalla sa bhogsa.

Chaidh Gallacher a ghiùlain far na pàirce goirid às deidh sin 's e air adhbrann a ghoirteachadh.

Ghluais ICT dhan chòigeamh àite, 's iad a-niste còig puingean air cùlaibh Dhùn Phàrlain, le geam a bharrachd aca ri chluich.

Cluichidh an dà sgioba sin an aghaidh a chèile ann an geam fìor chudromach Disathairne ann an Inbhir Nis.

Cuiridh ICT an uairsin crìoch air an iomairt aca le geamannan air falbh bhon taigh an aghaidh Bhaile Dhun Lèibhe Dimàirt agus an uairsin Greenock Morton air an 28mh dhen Ghiblean.

Ma bhuannaicheas sgioba Inbhir Nis na geamannan a th' aca air fhàgail gheibh iad àite anns na playoffs 'son faighinn a-steach dhan a Phrìomh Lìog.

Tha sgioba Iain Robasdain a-niste air coig geamannan a bhuannachadh sreth a-chèile.