Naidheachdan 11:00m

Tha ceannardan a' Cho-Fhlaitheis a' coinneachadh ann an Windsor, agus iad a' deasbad, am measg rudan eile, am bu chòir dhan Phrionnsa Teàrlach a bhith na cheannard air a' bhuidhinn an àite a' mhàthar. Thuirt a' Bhànrigh an-dè gur e am Prionnsa Teàrlach a tha ise ag iarraidh anns an dreuchd às a dèidh.

Thuirt fear de dh'àrd-luchd-saidheans an Riaghaltais gum faodadh pàirt den phuinnsean leis an tugadh ionnsaigh air an fhear-bhrathaidh Sergei Skripal 's an nighean aige Yulia, a bhith fhathast ann an Salisbury. Chaidh innse do choinneimh phoblaich ann an Salisbury an-raoir gu bheil naoi làraichean anns an sgìre far am faodadh am puinnsean a bhith fhathast.

Tha tè de bhuill na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba a' cur a taic ri feadhainn air a bheil dragh mun bhuaidh a bheir troimhe-chèile air seirbheisean aiseig air an eaconomaidh. Dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn an-dè gun toir e nas fhaide na bha dùil siostam proipeileir a' Chlansman a chàradh, agus gum fàg sin na h-uimhir de dh'atharrachadh air feadhainn de na seirbheisean airson sia seachdainnean eile. Tha am ball Làbarach, Rhoda Ghrannd, ag ràdh nach eil sin math gu leòr.

Tha dràibhearan fhathast a' siubhal gu mì-laghail air Drochaid Rathaid Fhoirthe, ged a chaidh a comharrachadh mar shlighe uaine do luchd-coiseachd, baidhseagail, tacsaidhean agus bhusaichean. Tha Còmhdhail Alba den bheachd gu bheil mu 100,000 càr a' cleachdadh na drochaid a h-uile là, seach Drochaid Phort na Bànrighinn.

Tha Libearalaich Dheamocratach na h-Alba a' cruinneachadh aig co-labhairt an Earraich aca san Aghaidh Mhòir. Canaidh an ceannard, Willie Rennie, na òraid an-diugh gun tug poilesaidh radaigeach nan Lib-Deamach buaidh mar thà air reachdas an Riaghaltais, leithid atharrachadh chìsean agus foghlam cloinne aig dà bhliadhna de dh'aois.

Tuath-gaoithe Uibhist a Tuath

Thèid sgeama fhoillseachadh a-màireach a bheir cothrom do dhaoine earrainnean a cheannach ann am pròiseact tuath-gaoithe Uibhist a Tuath. Shoirbhich an aon seòrsa sgeama ann an àiteachan eile anns na h-eileanan mar thà. Agus tha e coltach, mar as motha airgid a thèid a thogail le bhith a' reic earrainnean, gur ann as lugha a dh'fheumas Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath a thoirt a-mach ann an iasadan coimearsalta.