Plana ChalMac "mì-fhreagarrach"
- Air fhoillseachadh

Chan eil am plana aig CalMac airson bàtaichean ùra agus seirbheisean seasmhach idir freagarrach, a rèir na buidhne a tha a' riochdachadh nan coimhearsnachdan a th' air am frithealadh leis a' chompanaidh aiseig.
Tha iad a' sireadh coinneimh leis an Riaghaltas, CalMac agus CMAL airson coimhead air plana ùr a dhealbh.
Thug Bòrd Coimhearsnachd ChalMac, a stèidhich a' chompanaidh airson guth nas làidire a thoirt do luchd-siubhail, dubh-chàineadh air an dòigh san do dhèilig iad ris an troimhe-chèile sna seirbheisean aca o chionn ghoirid.
Tha dìth shoithichean a' toirt buaidh air seòlaidhean, a' fàgail nach eil bàta idir air tè de na slighean eile, eadar Loch Baghasdail agus Malaig.
Chan eil an ro-innleachd a th' aca airson dèanamh cinnteach nach tachair an leithid agus gum bi gu leòr bhàtaichean airson an ama ri teachd idir ag obair am beachd a' bhùird choimhearsnachd, agus feumar ath-sgrùdadh a thoirt air.
Feumar barrachd aire a thoirt do dh'fheumalachdan luchd-cleachdaidh nan seirbheisean agus tha iad ag iarraidh coinneachadh le CalMac, CMAL leis a bheil na bàtaichean aca, agus le Còmhdhail na h-Alba cho luath 's a ghabhas mar a' chiad cheum ann a bhith a' dealbh plana ùir.
Aig an aon àm, tha BPA an Eilein Sgitheanaich, Ceit Fhoirbeis, air sgrìobhadh gu Ministear na Còmhdail, Humza Yousaf, ag iarraidh air "fuasgladh fhaighinn san aithghearrachd" air trioblaidean na slighe-aiseig eadar Malaig is Armadal.
Tha i ag ràdh gun deach 125 seòladh a chur dheth air an t-slighe bho thòisich clàr-ama an t-Samhraidh aig deireadh na mìos a chaidh.
"Tha mise an-còmhnaidh ag ràdh gu bheil sinn feumach air a' Choir' Uisg' air ais air an t-seirbheis eadar Malaig is Armadal," thuirt a' Bh-Ph. Forbes.
"Nuair a bha an Coir' Uisg' ann cha robh na trioblaidean againn a th' air a bhith againn ann an 2016 agus cuideachd an-dràsta.
"Tha CalMac ag ràdh nach eil gu leòr bhàtaichean aiseig aca, ach cuideachd tha ceistean mu dheidhinn nam prìomhachasan aca agus na co-dhùnaidhean a th' aca a thaobh càite a bheil na bàtaichean-aiseig a' dol," thuirt i.