Cothrom fàis aig Sgoil Ghàidhlig Chartvale

  • Air fhoillseachadh
Foghlam Gàidhlig

Tha Oifigear Gàidhlig Chomhairle Baile Ghlaschu, DK Mac a' Phì, ag ràdh gu bheil iad an dòchas gum bi rùm anns an sgoil ma thig an tuilleadh fàis air na tha a' dol a-steach gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Fosglaidh an sgoil ùr ann an Cartvale am Baile Ghobhainn an ath-bhliadhna, an dèidh do Riaghaltas na h-Alba £1.9m a ghealltainn air a son Dimàirt.

"Tha sinn an dòchas gum bi barrachd àite ann airson fàis ann an sin," thuirt Mgr Mac a' Phì.

"Mar a bha sinn a' bruidhinn roimhe mu dheidhinn co-chomhairleachaidh a bh' againn sa bhaile mu dheidhinn càite am biodh an sgoil seo, bha sinn an toiseach a' bruidhinn air àite eile thall aig Gowanbank.

"Ach an uair sin dìreach mar a chaidh sin an aghaidh na coimhearsnachd air dòigh agus na beachdan a bh' aig daoine, dh'fheumadh a' Chomhairle an uair sin dìreach a bhith a' smaointinn air àiteachan eile, is bha sin ceart gu leòr.

"Ach san sgoil ùir, far a bheil i, chanainnsa gum bi àite ann," thuirt e.

Chuir pàrantan fàilte air an naidheachd gu bheil fàs a' sìor thighinn air foghlam Ghàidhlig ann an Glaschu.

Goireasach

"'S e fìor dheagh naidheachd a th' ann," thuirt Eilidh NicFhionghain, a th' air buidheann-obrach a tha a' coimhead ri goireasan foghlaim Ghàidhlig sa bhaile.

"Tha sinn air a bhith ag obair cuide ris a' Chomhairle airson beachdachadh air ciamar a bha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gu bhith air a leudachadh anns a' bhaile, agus 's e fìor dheagh naidheachd a th' ann gu bheil an Riaghaltas a' toirt taic dha na tha sinne ag amas air.

"'S e sgoil a th' ann an Cartvale an-dràsta airson cloinne le feumalachdan sònraichte, so 's e sgoil a tha fosgailte an-dràsta.

"Bidh e feumach air beagan obrach, airson a chur air ais gu sgoil àbhaisteach mar gum biodh.

"Ach chan eil e feumach air an t-uabhas obrach.

"Ach an rud a bu mhotha mu dheidhinn, 's e gu bheil e nas goireasaiche.

"Tha e nas fhaisge air a' bhaile. Agus airson sgoil a tha a' frithealadh cloinne bho sgìre gu math nas motha na sgoil àbhaisteach tha sin uabhasach cudromach.

"Tha tòrr àitean ann airson còmhdhail poblaich, so gheibh thu bus, gheibh thu trèana, gheibh thu an trèana fo thalamh gu Baile a' Ghobhainn tòrr nas fhasa na gheibheadh tu gu Gowanbank

"'S e rud a bha sin a bha uabhasach cudromach do phàrantan is teaghlaichean faighinn ann," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo