Càineadh air HIE
- Air fhoillseachadh
Agallamh le Dòmhnall Crichton bho Chomhairle nan Eilean Siar.
Thèid gearain làidir a thogail ri cathraiche agus àrd-oifigear Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) nuair a choinnicheas iad ri buill agus oifigich Comhairle nan Eilean Siar air an ath-mhìos.
Tha buill na Comhairle mì-thoilichte le plana gnìomha na buidhne is iad ag ràdh nach eil mòran àite aig na h-eileanan ann.
Thuirt comhairlichean gu bheil a h-uile coltas ann gu bheil Inbhir Nis a' faighinn a' mhòr-chuid den airgead-leasachaidh agus gur e glè bheag a bhios air fhàgail dha na h-Eileanan an Iar.
Taic
Tha iad ag ràdh gu bheil Inbhir Nis mar thà ann an suidheachadh làidir an taca ris a' chòrr den Ghàidhealtachd, is gum bu chòir do HIE prìomhachas a thoirt do sgìrean eile.
Thuirt iad cuideachd gur e briseadh-dùil mòr a bha seo às dèidh dhan Chomhairle a bhith ag iomairt às leth HIE, is ceist ann an-uiridh mu neo-eisimeileachd na buidhne.
A rèir Chathraiche Comataidh Leasachaidh Mhaireannaich Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Crichton, "chan eil prìomhachas sam bith ga thoirt dha na h-eileanan no àiteachan iomallach anns a' phlana".
Gheall e gun tèid seo a thogail le HIE nuair a choinnicheas riochdairean na Comhairle riutha an ath-mhìos.
"Tha sinn gu bhith a' cur freagairt foirmeil air ais gu HIE a thaobh a' phlana aca is bidh sinn a' dèanamh gu math soilleir dha na stiùirichean agus dhan Riaghaltas, a-rithist is a-rithist, am feum a th' againn air prìomhachas a dhèanamh dha eaconomaidh nan eilean is àiteachan iomallach", thuirt e.
Dealasach
Thuirt HIE gu bheil na h-ochd sgiobaidhean roinneil aca a' cumail taic ris na ceudan de ghnìomhachasan, iomairtean coimhearsnachd agus coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.
Thuirt iad gu bheil iad a' cur taic ri mòran ghnìomhachasan sna h-Eileanan Siar, mar UHI agus Àranais, agus gu bheil na rinn iad san sgìre tro na bliadhnaichean air a bhith follaiseach, is gu bheil iad dealasach an sgìre a bhrosnachadh.
Chuireadh iad fàilte, thuirt iad, air còmhradh leis a' Chomhairle mu dhraghan sam bith a th' orra, 's mar a ghabhas obrachadh còmhla gu buannachd na sgìre san àm ri teachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 Am Màrt 2017

- Air fhoillseachadh27 An Gearran 2017
