Iasgair air chall an Cataibh

  • Air fhoillseachadh
Abhainn OiceallTùs an deilbh, Donald Bain/Geograph

Thuirt poilis gun robh iad a' fàs iomagaineach dhà-rìribh mu fhireannach, 80, a chaidh fhaicinn mu dheireadh ag iasgach air Abhainn Oiceall faisg air an Luirg ann an Cataibh.

Dh'fhailich air Iain McMullen à Hertfordshire, tilleadh bho thuras iasgaich oidhche Ardaoin.

Chaidh Mgr McMullen fhaicinn mu dheireadh faisg air Drochaid Oiceall goirid às dèidh 5:00f Diardaoin.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn grunn uairean de thìde às dèidh sin nuair nach do thill e.

Tha heileacoptair nam Maor-Cladaich air a bhith an sàs san iomairt theasargainn a thuilleadh air buill bho mhaoir-chladaich na sgìre fhèin.

Tha Sgioba Teasargainn Bheanntan Asainte agus Comann Teasargainn Chataibh an Ear cuideachd air a bhith a' sgrùdadh na h-aibhne còmhla ri sgiobannan chon nam Poileas.