Dòchas do dh'Àranais

Choinnich riochdairean bhon chompanaidh Chanèideanach DF Barnes ri Comhairle nan Eilean Siar agus buidhnean eile ann an Steòrnabhagh Diluain.

Thuirt iad gu robh na goireasan aig gàrradh Àranais na tharraing mhòr ann a bhith a' gabhail a' chompanaidh BiFab thairis.

Thuirt iad cuideachd gu robh iad an dòchas gum biodh obair a' dol aig Àranais ro dheireadh na bliadhna.