Cuach na Cloinne air tòiseachadh

Thòisich farpaisean ball-coise roinneil airson Cuach na Cloinne anns a' Ghearastan.

Tha an fharpais fosgailte do sgoilearan anns na h-ionadan is sgoiltean Gàidhlig air feadh na dùthcha agus do chloinn eadar prìomh a ceithir agus seachd.

Tha an fharpais air fàs gu mòr thairis air na bliadhnachan leis an àireamh de sgiobaidhean as motha riamh a' gabhail pàirt am bliadhna.